Gaelic Services / Seirbheisean Ghà idhlig
All our Gaelic services can be found on our Gaelic YouTube channel,
Eaglais Ghà idhlig Air-loidhne
Ar n-athair,
A tha air nèamh,
Gun naomhaircher t’ainm.
Gun tigeadh do rìoghachd,
Gun dèanar do thoil,
Air thalamh,
Mar a nithear air nèamh.
Thoir dhuinn an-duigh,
Ar n-aran là itheil,
Agus math dhuinn ar fiachan,
Mar a mhathas sinne do ar luchd-fiach.
Agus na lieg ann am buaireadh sinn,
Ach saor sinn o’n olc.
Oir is leatsa an rìoghachd,
An cumhachd,
Agus a’ ghlòir,
Gu sìorraidh.
Amen.
Salm 23
​
Salm le Daibhidh
​
-
Is e an Tighearna mo bhuachaille; cha bhi mi ann an dith.
-
Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; là imh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.
-
Aisigidh e m’anam; treòaichidh e mi air slighean na fìreantachd air sgà th a ainme fhèin.
-
Seadh, ged shiubhail mi tro ghleann sgà il a’ bhà is, cha bhi eagal uilc orm, oir tha thusa maille rium; bheir do shlat agus do lorg comhfhurtachd dhomh.
-
Deasaichidh tu bòrd fam chomhair ann am fianais mo naimhdean; dh’ung thu le ola mo cheann;tha mo chupan a’ cut tharis.
-
Gu cinnteach leanaidh math agus tròcair mi uile là ithean mo bheatha; agus còmhnaichidh mi ann an taigh anTighearna fad mo là ithean.
Creud nan Abstol
​
Tha sinn a’ creidsinn ann an Dia,
an t-Athair uile-chumhachdach,
Cruithear nèimh agus talmhainn.
Agus ann an Ìosa Crìosd,
A aon Mhac-san, ar Tighearna;
a ghineadh leis an Spiorad Naomh,
a rugadh leis an òigh Moire,
a dh’fhuiling fo Phontius Pìlat,
a cheusadh, a fhuair bà s, is a dh’adhlaiceadh;
a chaidh sìos a dh’ifrinn;
a dh’èirich an treas latha bho na mairbh;
a chaidh suas air nèamh,
a tha na shuidhe air deas là imh Dhè
an t-Athair uile-chumhachdach;
à sin thig E a rithist a thoirt breitheanais
air bheò is air mhairbh.
Tha sinn a’ creidsinn anns an Spiorad Naomh,
An Eaglais naomh Chaitligeach,
Co-chomann nan Naomh,
Mathanas nam peacaidhean,
Aiseirigh na cuirp,
Is a’ bheatha shìorraidh.
AMEN.
​
Air eadar-theangachadh le Iain Urchardan
Ùrnaigh
Thigeam an-diugh dhan Athair,
Thigeam an-diugh dhan Mhac,
Thigeam an-diugh dhan Spiorad neartmhor naomh,
Thigeam an-diugh le Dia,
Thigeam an-diugh le Crìosd,
Thigeam le Spiorad iocshlàint chaomh.
Dia, agus Spiorad, agus Ìosa,
Bho mhullach mo chinn,
Gu iochdar mo bhonn;
Thigeam le mo chliù,
Falbham le mo theasd,
Thigeam thugad, Ìosa –
Ìosa, dèan mo leasd.
Carmina Gadelica
Nuair a chaidh do dhèanamh anns fheòil, Ìosa,
dh’fhàg thu na nèamhan agus gach rud a bha agad
agus thàinig thu a-nuas, a’ lorg dachaigh dhut fhèin
ann an staid bhochd, ìseal.
Cha robh an saoghal airidh air do làthaireachd,
ach naomhaich thu e.
Thig a-nuas a-rithist, a Thighearna,
agus dèan dhut fhèin dachaigh nar cridheachan,
bochd, ìseal agus neo-airidh air do làthaireachd ged a tha sinn.
Naomhaich sinn, Ìosa, tha sinn a’ guidhe ort,
ach am bi sinn deiseil do ghlòir, do thoil agus d’ fhacal
fhoillseachadh nar beathanan fhèin.
Amen.
Well-known television presenter Cathy MacDonald reads Ephesians 2. 11 - 22 in Gaelic.
An old sound recording of the Rev. A. M. MacLeod, Kinloch, Isle of Lewis.